Am Prionnsa agus Alba
Am Prionnsa agus Alba
Ann an Alba, tha Prionnsa na Cuimrigh, mac as sine na Banrigh agus Diùc Dhùn Èideann, agus oighre a' Chrùin, air ainmeachadh mar Am Prionnsa Teàrlach, Diùc Baile Bhòid.
Chaidh an t-ainm seo, ainm ann an siostam moraireachd na h-Alba, a thoirt an toiseach le Raibeart III, Rìgh nan Albannach, dha mhac Dàibhidh ann an 1398. Le Achd Pàrlamaid na h-Alba ann an 1469 chaidh an t-ainm a chuingealachadh gus nach fhaodadh a chleachdadh ach Oighre a' Chrùin ann an Alba. Bho Aonadh nan Crùn ann an 1603, tha an tiotal air leantainn an cois urram Diùc Na Còrn, agus rinneadh Am Prionnsa na Dhiùc Baile Bhòid an uair a fhuair a' Bhanrigh an crùn.
'S ann aig Diùc Baile Bhòid a tha na tiotalan Iarla Charaig agus Baron Roinn Friù. Tha na h-ainmean sin, a tha a' tighinn bho shiostam moraireachd na h-Alba, a' leantainn ri Oighre a' Chrùin fo Achd 1469.
Tha A Mhòrachd Rìoghail air aithneachadh mar Tighearna nan Eilean cuideachd. Tha an tiotal sean seo, a bha aig an fheadhainn a bha a' riaghladh nan Eilean Siar mar basaillean Rìgh na h-Alba, air a ghabhail fo smachd a' Chrùin le Seumas V na h-Alba ann an 1540, gu bhith ri air a thoirt dha chuid oighrean.
Tha an tiotal Prionnsa agus Àrd Stiùbhard na h-Alba aige cuideachd. Tha an oighreachd Àrd Stiùbhard a' tighinn bhon 12mh linn. Tha Achd 1469 a' dearbhadh gum bu chòir dhan tiotal seo a dhol chun “a' phrionnsa as sine aig Rìgh nan Albannach gu bràth tuilleadh”.
B' e A Mòrachd Màthair na Banrigh nach maireann nighean a' Mhorair Glamis, a-rithist an 14mh Iarla Srath Mhoire agus Kinghorne agus a thàinig bho Thaigh Rìoghail na h-Alba, a bha na seanmhair a' Phrionnsa air taobh a mhàthair.


