The Prince of Wales and The Duchess
of Cornwall

The Duke and Duchess of Cambridge

Prince Harry

Open

Bana-dhiùc na Còirn agus Alba

Bidh Bana-dhiùc na Còirn a’ gabhail os làimh tachartasan is obair charthannach gu cunbhalach ann an Alba, a’ toirt taic dha cèile, Diùc Baile Bhòid na obair is na dhreuchd mar Oighre a’ Chrùin.

Aithnichte ann an Alba mar Bana-dhiùc Baile Bhòid, bidh A Mòrachd Rìoghail a’ tadhal gu cunbhalach ann an Alba airson tachartasan a ghabhail os làimh còmhla ri a cèile agus na h-aonar. 

Tha Bana-dhiùc Baile Bhòid an sàs ann an grunn bhuidhnean carthannais ann an Alba, nam measg Ionadan Cùram Aillse Magaidh /Maggie’s Cancer Caring Centres; Saor-làithean Cothroim Chraichidh/Crathie Opportunity Holidays; Bràgad nan Nighean ann an Alba/Girls Brigade in Scotland; Sgeama Ghàrraidhean na h-Alba/ Scotland’s Gardens Scheme;Ionad Nàiseanta Marcaiche na h-Alba/the Scottish National Equestrian Centre; Institiùd Dùthchail Boireannaich na h-Alba (Meur Bhealadair)/ Scottish Women’s Rural Institute (Ballater branch); Comann Ealain Taobh Uachdrach Dè/the Upper Deeside Art Society; agus na neach-taice dha HMS Astute stèidhichte aig HMNB Faslane.

Tro a h-obair charthannais tha A Mòrachd Rìoghail airson aire a thogail gu cùisean sònraichte, a’ gabhail a-steach slàinte is fallaineachd, ag adhartachadh litearrachd, a’ cuideachadh nam feumach, nam measg feadhainn a dh’fhuiling èigneachadh is sàrachadh gnèitheasach, a’ misneachadh clann airson a bhith ag ithe rudan fallain, a’ toirt brosnachadh dha dualchas agus na h-ealain agus dha fallaineachd bheathaichean.

‘S e Birkhall an dachaigh oifigeil a th’ aig Am Mòrachdan Rìoghail ann an Alba. Tha e suidhichte air Oighreachd Bhaile Mhoireil air Oir Rìoghail Dhè a bha roimhe na dhachaigh aig a’ Bhànrigh Ealasaid nach maireann, Mathair na Bànrighe.  

Ann an 2009, rinn a’ Bhana-dhiùc fosgladh foirmeil air gàrradh leasachail Ionad Cùram Aillse Magaidh/Maggie’s Cancer Caring Centre aig Ospadal Ninewells ann an Dùn Dèagh. Tha A Mòrachd Rìoghail na Ceann-suidhe air Ionadan Cùraim Magaidh a bhios a’ tabhann àrainneachd fhàilteachail dha daoine le aillse agus dhan teaghlaichean. De na naoi ionadan Magaidh san RA, ‘s e Dùn Dèagh a’ chiad fhear aig a bheil gàrradh leasachail.

Ann an 2008, thug A Mòrachd Rìoghail taic dhan sgeama biadh-air chuibhlichean/ meals-on-wheels, agus thug i a reasabaidh fhèin airson paidh-èisg dha na còcairean telebhisein, The Hairy Bikers, mar phàirt den iomairt ann an 2011.

Tha A Mòrachd Rìoghail air bruidhinn roimhe mu cho dèidheil ‘s a tha i air Alba, gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd.  Nuair a thadhail i air Sgoil Pàirc Alexandra ann an Lunnainn airson farpais nàiseanta Cruinneachadh Bàrdachd a’ Bhàird Laibhrichte a chur air bhog, b’ e “My Heart is in the Highlands” leis a’ bhàrd Albannach Raibeart Burns a thagh a’ Bhana-dhiùc, a tha na neach-taic dealasach dha adhartachadh leughaidh is litearrachd,  airson a leughadh.

A’ bruidhinn mun roghainn aice thuirt a’ Bhana-dhiùc:  “’S e bàrdachd chuimhneachail a tha seo dhòmhsa oir ‘s e àite a th’ ann air a bheil mi air leth dèidheil agus bidh mi a’ cur seachad ùine ann a’ coiseachd is a’ mealtainn nan seallaidhean.”

Bidh Diùc is Bana-dhiùc Baile Bhòid gu tric a’ cur seachad saor-làithean bliadhnail an t-samhraidh ann am Birkhall.

Mar na dachaighean oifigeil uile aca tha Birkhall air a ruith air bunait organaig is stèidh sheasmhach àrainneachdail gun puinnseanan fuadain bhiastag no toradh Gallda gan cleachdadh sna gàrraidhean.

Nuair a bhios iad a’ fuireach ann am Birkhall, bidh Am Mòrachdan Rìoghail ag iasgach agus a’ coiseachd san dùthaich àlainn Albannach.

Nuair a tha iad ann an Oir Rìoghail Dè bidh an Diùc is a’ Bhana-dhiùc cuideachd a’ gabhail os làimh tachartasan san sgìre ionadail agus a’ cumail chuirmean dhan choimhearsnachd ionadail agus dhan fheadhainn a tha an sàs nam buidhnean carthannais.

Mar eisimpleir, san t-Sultain 2006 bha a’ Bhana-dhiùc air ceann ciad caismeachd Comann Nàiseanta Osteoporosis, Big Bone Walk, nuair a bha iad a’ fuireach ann am Birkhall agus thog i fhèin faisg air £200,000 de dh’urrasachd le bhith a’ gabhail pàirt ann an coiseachd timcheall air Loch Muick.

Related News

More news