The Prince of Wales and The Duchess
of Cornwall

The Duke and Duchess of Cambridge

Prince Harry

Open

Beatha a' Phrionnsa – Eachdraidh-beatha

Rugadh Prionnsa na Cuimrigh, am mac as sine aig a' Bhanrigh agus Am Prionnsa Filiop, Diùc Dhùn Èideann, ann an Lùchairt Bhuckingham aig 9.14 a dh' oidhche, 14mh latha dhen t-Samhainn, 1948. Chaidh fios a thoirt air rèilichean an Lùchairt beagan ro mheadhan-oidhche, ag innse gun robh mac air a bhith aig A Mòrachd Rìoghail Bana-phrionnsa Ealasaid. Chaidh innse a-rithist gun robh 7 puinnd 6 unnsaichean anns a' Phrionnsa bheag.

Air an 15mh latha dhen Dubhlachd chaidh Teàrlach Filiop Artair Seòras a bhaisteadh ann an Seòmar a' Chiùil ann an Lùchairt Bhuckingham, le Àrd-easbaig Chanterbury, Dr Geoffrey Fisher.

Chaidh màthair a' Phrionnsa ainmeachadh mar An Dàrna Banrigh Ealasaid aig aois 25, an uair a dh' eug a h-athair, An Còigeamh Rìgh Deòrsa, aig aois 56 air an 6mh dhen Ghearran, 1952. An uair a chaidh a' Bhanrigh a crùnadh, rinneadh Am Prionnsa Teàrlach, bhon a b' e am mac a bu shine a bha aig a' Bhanrigh – na chiad oighre a' Chrùin 's gun e ach trì bliadhna a dh' aois.

Ghabh Am Prionnsa, mar oighre a' chrùin, tiotalan Diùc na Còrn an-dèidh còir-sgrìobhte Rìgh Eideart III ann an 1337; agus, ann an siostam morarachd na h-Alba, Diùc Baile Bhòid, Iarla Charaig, Baron Roinn Friù, Tighearna nan Eilean, agus Prionnsa agus Àrd-Stiùbhart na h-Alba.

Bha am Prionnsa ceithir bliadhna a dh' aois aig Crùnadh a mhàthair, ann an Abaid Westminster air an dàrna latha dhen Òg Mhìos, 1953. Bidh deagh chuimhne aig mòran a chunnaic an Crùnadh gu robh e na shuidhe eadar a sheanmhair, a bha a-nis na bantrach agus a bha gu bhith air a h-ainmeachadh mar Bhanrigh Ealasaid Màthair na Banrigh, agus piuthar a mhàthair a' Bhana-phrionnsa Màiread.

Chuir a' Bhanrigh agus Diùc Dhùn Èideann romhpa, an àite an cleachadh a' leantainn agus oide a thoirt dhan Lùchairt, gum bu chòir dha am mac a dhol gu sgoil far an coinnicheadh e ri clann aig nach robh ceangal rìoghail sam bith. Mar bhuil a' cho-dhùnaidh sin, air an 7mh latha dhen t-Samhainn, 1956, chaidh e gu Sgoil Taigh a' Chnuic air taobh an iar Lunainn.

An ceann deich mìosan, chaidh Am Prionnsa òg gu agus a dh' fhuireach aig Sgoil Cheam, an sgoil oideachaidh ann an Berkshire. 'S ann ann an uair a bha A Mhòrachd Rìoghail aig Cheam, ann an 1958, a rinn a' Bhanrigh e na Phrionnsa na Cuimrigh, agus aig an aon àm Iarla Chester, aig aois naoi bliadhna.

Anns a' Ghiblean 1962, thòisich Am Prionnsa air a' chiad theirm aig Gordonstoun, an sgoil faisg air Eilginn air taobh an ear na h-Alba far an robh Am Prionnsa Filiop na sgoilear roimhe. Ann an 1966 chuir Prionnsa na Cuimrigh seachad dà theirm air turas iomlaid gu Timbertop, meur iomallach de Sgoil Gramair Eaglais Shasainn Geelong ann am Melbourne, Astràilia.

An uair a thill e gu Gordonstoun airson a bhliadhna mu dheireadh, chaidh Am Prionnsa a thaghadh mar àrd sgoilear na sgoile. Shuidh Am Prionnsa, a bha air sia deuchainnean Ìre 'O' fhaighinn cheana, a dheuchainnean Ìre'A' anns an Iuchair 1967, a' chiad duine de dh' oighrean a' Chrùin a bha air a leithid de dheuchainnean a dhèanamh. Fhuair e teisteanas aig ìre B ann an Eachdraidh agus C ann am Fraingis, le cliù ann an deuchainn eachdraidh sònraichte nach fheumadh a h-uile duine a dhèanamh.

Chaidh Am Prionnsa gu Oilthigh Cambridge ann an 1967 gus arc-eòlas agus corpeòlas a dhèanamh aig Colaiste na Trionaid. Dh' atharraich e a chuspairean gus eachdraidh a dhèanamh anns an dàrna earrainn dhe a cheum, agus ann an 1970 fhuair e ceum aig an dàrna h-ìre.

An uair a bha e aig Cambridge, bhiodh Am Prionna a' dèanamh dhealbhan-cluiche beaga le comann dràma na colaiste agus bha e ann an coimeadaidh àbhachd le Joe Orton.

Air a' chiad latha dhen Iuchair, 1969, chaidh cuirm a chumail gus a dhèanamh na Phrionnsa na Cuimrigh aig cuirm dhathach aig Caisteal Caernarfon. Mar dheisealachadh airson a bhith na Phrionnsa na Cuimrigh, chuir Am Prionnsa seachad leth teirm ann an Oilthigh Colaiste na Cuimrigh ann an Aberystwyth, ag ionnsachadh Cuimris.

Air an 11mh dhen Ghearran, 1970, ghabh A Mhòrachd Rìoghail àite ann an Taigh nam Morairean. Air an 8mh dhen Mhàrt, 1971, sgèith Prionnsa na Cuimrigh, agus e fhèin aig an stiùir, gu Làrach Feachd an Adhair Cranwell ann an Siorrachd Lincoln, gus ionnsachadh a bhith a' sgèith itealain cogaidh. Bha Am Prionnsa fhèin air oideachadh fhaighinn ann an sgèith itealain bhon RAF 's e air a dhàrna bliadhna ann an Cambridge.

Anns an t-Sultain 1971, an-dèidh ceumnachadh aig Cranwell, dheisealaich Prionnsa na Cuimrigh airson dreuchd leis a' chabhlach, dìreach mar a rinn athair, a sheanair agus a dhithis shinn-sheanairean. An-dèidh sia seachdainnean aig Colaiste a' Chabhlaich Rìoghail ann an Dartmouth, rinn e seirbheis air a' bhàta milleadh tilgean-stiùiridh HMS Norfolk agus dà long cabhlaich.

Ann an 1974 fhuair Am Prionnsa teisteanas gus helicoptear a sgèith mus deach e do Sgioba Sgèith 845 a' Chabhlaich, a bha stèidhichte air long-ghiùlain HMS Hermes. Air an 9mh dhen Ghearran, 1976, ghabh Am Prionnsa smachd air an long siubhal-mìneachan HMS Bronington airson a naoi mìosan mu dheireadh anns a' Chabhlach.

Thar nam bliadhnachan, tha A Mhòrachd Rìoghail air ùidh a nochdadh ann an iomadach rud a tha air an sealltainn le chuid obair carthannais. Na measg sin tha cuspairean sòisealta agus coimhearsnachdail, cuspairean dùthchail, slàinte, foghlam, òigridh, àrainneachdan nàdarra agus togte, ealain agus ceòl, dualchas nàiseanta, seann daoine agus creideamh.

Air cùl mòran dhe chuid obrach, tha ùidh a' Phrionnsa gus feum a dhèanamh de chleachdaidhean agus tàlantan na dùthcha seo gus an dèan daoine am feum as fheàrr dhe na cothroman agus buadhan a tha aca.

Tha an ùidh sin air a nochdadh ann an liosta de 360 buidheann air a bheil e a-nis na chùl-taic no na cheann-suidhe.

Gu ruige seo, tha 16 prìomh bhuidhnean carthannais aig A' Phrionnsa, a chuid as motha dhiubh a chaidh a chur air chois leis fhèin. 'S iad sin: The Prince's Trust; The Prince's Foundation for the Built Environment; The Prince's Regeneration Trust; In Kind Direct; The Prince's Drawing School; The British Asian Trust; Business in the Community; The University of Cambridge Programme for Sustainability Leadership; Scottish Business in the Community; PRIME-Cymru; PRIME; The Prince's School of Traditional Arts; The Prince's Scottish Youth Business Trust; The Prince of Wales's Foundation for Children and the Arts; Youth Business International agus The Prince's Teaching Institute.

Tha draghan a' Phrionnsa air na tha a' dol air adhart ann an roinnean mar ailtireachd, meadhan nam bailtean mòra, foghlam, creideamh, slàinte agus tuathanachas air a bhith air an toirt am follais thar nam bliadhnachan ann an iomadh òraid agus artaigil.

Air an 29mh dhen Iuchair, 1981, phòs Prionnsa na Cuimrigh A h-Uasal Diana Spencer ann an Cathair-eaglais Naomh Pòl. Rugadh a' Bhana-phrionnsa air a' chiad latha dhen Iuchair 1961, aig Taigh Park air oighreachd na Banrigh aig Sandringham, Norfolk, agus bha i a' fuireach an sin gus an do bhàsaich a seanair, an seachdamh iarla, ann an 1975, an uair a ghluais an teaghlach gu taigh an teaghlaich Spencer aig Taigh Althorp, Siorrachd Northampton.

B' e oifigear taic a bha ann an athair a h-Uasal Diana - Viscount Althorp agus as-dèidh sin an t-ochdamh Iarla Spencer – do Rìgh Deòrsa VI agus a' Bhanrigh. Bha a seanmhair air taobh a màthair, Bean-uasal Fermoy, na deagh charaid agus na neach-taic do Mhàthair na Banrigh.

Bha dithis mhac aig A' Phrionnsa agus Bana-phrionnsa na Cuimrigh, Am Prionnsa Uilleam a rugadh air an 21mh latha dhen Ògmhios, 1982, agus rugadh Am Prionnsa Eanraig air an 15mh latha dhen t-Sultain, 1984.

Bho phòs iad, chaidh Prionnsa agus Bana-phrionnsa na Cuimrigh air iomadh turas thall thairis agus chaidh iad air iomadach turas còmhla air feadh Bhreatainn.

Air an 9mh latha dhen Dubhlachd, 1992, dh' innis Am Prìomhaire, Iain Major, do Thaigh nan Cumantan gun robh Am Prionnsa agus Bana-phrionnsa na Cuimrigh air aontachadh dealachadh. Chaidh am pòsadh a chur mu sgaoil air an 28mh dhen Lunastal, 1996. Bha A' Bhana-phrionnsa fhathast air a faicinn mar bhall dhen Teaghlach Rìoghail. Lean i orra a' fuireach aig Lùchairt Kensington agus air obair phoblach a dhèanamh airson iomadach buidheann carthannais.

An uair a chaidh a' Bhana-phrionnsa a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann am Paris air an 31mh latha dhen Lunastal, 1997, chaidh Am Prionnsa gu Paris còmhla ri a dithis pheathraichean gus a corp a thoirt air ais gu Lunainn. Bha A' Bhana-phrionnsa na laighe anns a' Chaibeal Rìoghail ann an Lùchairt Naomh Sheumais gu oidhche ro a tòrradh.

Air latha an tòrraidh, chòisich Prionnsa na Cuimrigh còmhla ri a dhithis mhac – a bha 15 agus 12 aig an àm – air cùl na ciste bhon Mhall gu ruige Abaid Westminster. Còmhla riutha bha Diùc Dhùn Èideann agus bràthair na Bana-phrionnsa, an t-Iarla Spencer.

Anns na bliadhnachan mu dheireadh tha na Prionnsaichean Uilleam agus Eanraig - dàrna agus an treas oighre a' chrùin – air a bhith an cois Prionnsa na Cuimrigh air beagan chuirmean oifigeil.

Air 9 an Giblean 2005, phòs Prionnsa na Cuimrigh agus A' B.Ph. Parker Bowles ann an seirbheis shìobhalta aig a' Ghuildhall, Windsor.

An dèidh a' phòsaidh, ghabh A' B.Ph. Parker Bowles an t-ainm A Mòrachd Rìoghail Ban-diùc na Còirn.

Bha mu 800 de luchd-fiathachaidh còmhla ri Prionnsa na Cuimrigh agus Ban-diùc na Còirn aig Seirbheis Ùrnaigh agus Beannachaidh aig Ceabail Naomh Sheòrais ann an Caisteal Windsor.

Aig an t-seirbheis, a rinn Àrd-easbaig Chanterbury, bha measgachadh de cheòl còisir agus ceòl orcastra ann a chaidh a thaghadh leis a' Phrionnsa agus a' Bhan-diùc, na measg sin cuid dhen fheadhainn a b' fheàrr leis an dithis aca fhèin leithid Cantata Bhach “Nun Komm der Heiden Heiland” agus earrainnean bho Cheòl Uisge Handel.

A-measg an luchd-ciùil a chluich aig an t-Seirbheis bha luchd-ciùil bhon Orcastra Fiolarmonia, ris a bheil Prionnsa na Cuimrigh a' cur a thaic, agus Còisir Caibeil Naomh Sheòrais.

An dèidh na Seirbheis, bha an luchd-fiathachaidh air am fàilteachadh gu cuirm ann an Caisteal Windsor agus as dèidhsin, dh' fhàg fear agus bean na bainnse airson mìos nam pòg ann am Birkhall.

An uair a thèid Rìgh a dhèanamh de Phrionnsa na Cuimrigh, gabhaidh A' Bhan-diùc an t-ainm A Mòrachd Rìoghail A' Bhana-phrionnsa Consoirt.

Related News

More news