The Prince of Wales and The Duchess
of Cornwall

The Duke and Duchess of Cambridge

Prince Harry

Open

Diùc is Bana-dhiùc Chambridge

B’ ann ann an Alba a choinnich Diùc is Bana-dhiùc Chambridge ri chèile an toiseach nuair a bha iad le chèile nan oileanaich ann an Oilthigh Chill Rìmhinn, ann an Alba.

San t-Sultain 2001, thòisich Diùc Chambridge air cùrsa ceum M. A. le Urram ceithir bliadhna ann an Eachdraidh Ealain aig Oilthigh Chill Rìmhinn. An dèidh dà bhliadhna den chùrsa a dhèanamh rinn an Diùc inntinn an-àirde prìomhachas a thoirt dha Cruinn-eòlas, seach Eachdraidh Ealain.

Cheumnaich A Mhòrachd Rìoghail le ceum  2:1 air Diardaoin 23mh Ògmhios 2005 aig cuirm ann an Cill Rìmhinn.  Bha a’ Bhànrigh, Diùc Dhùn Èideann agus Diùc is bana-dhiùc Baile Bhòid (mar a dh’aithnichear Prionnsa na Cuimrigh is Bana-dhiùc na Còirn ann an Alba) an làthair aig cuirm a’ cheumnachaidh.

Chlàraich Bana-dhiùc Chambridge cuideachd aig Oilthigh Cill Rìmhinn ann an 2001 agus cheumnaich i ann an 2005 le ceum 2:1ann an Eachdraidh Ealain.

Aig a’ bhanais aca, bha Diùc is Bana-dhiùc Chambridge airson an ceanglaichean ri Alba a chomharrachadh le bhith a’ sgeadachadh Cèice Rìoghail na Bainnse le 17 diofar fhlùraichean deighte, nam measg, am Fòghnan, samhla nàiseanta na h-Alba.

Dh’iarr Diùc is Bana-dhiùc Chambridge gun deigheadh gibht sam bith a bha daoine airson a thoirt seachad a thoirt mar thabhartas charthannach dha Maoin Charthannach Na Bainnse Rìoghail a tha a’ cur taic ri grunn bhuidhnean carthannach a chaidh an taghadh gu sònraichte leis a’ chàraid.

Am measg an fheadhainn a thagh am Mòrachdan Rìoghail bha the Scottish Community Foundation; Ocean Youth Trust UK a tha ag obair ann an Alba a bharrachd air Èirinn a Tuath agus ann an Ceann a Tuath is Deas Shasainn, agus Venture Trust.

Tha The Scottish Community Foundation a’ cuideachadh dhaoine is chompanaidhean gus an tabhartasan carthannach a chur a dh’ionnsaigh nam buidhnean carthannach Albannach agus nam buidhnean coimhearsnachd air nach eilear cho eòlach. 

Tha dleastanas air Ocean Youth Trust UK airson atharrachadh math a bhrosnachadh ann an daoine òga tro dhùbhlan dàn-thursan seòlaidh. Tha na bhòidsean a’ cuideachadh daoine òga gus an comasachd a lorg.

Tha Venture Trust a’ cuideachadh daoine òga air bheag chothrom, a th’ air an cumail sìos agus so-leònta airson togail air a’ mhisneachd, bhrosnachadh, rùn is sgilean beatha a tha riatanach airson atharrachaidhean cuideachail a dhèanamh nam beatha.

Na dhreuchd armailteach tha Diùc Chambridge co-cheangailte ri grunn rèisimeidean bho trì meuran de Fheachdan Armailteach Bhreatainn  agus tha e na Àrd Cheannard Cabhlaich na h-Alba (Na Nèibhidh Rìoghail) mar a chaidh a shuidheachadh leis a’ Bhànrigh ann an 2006. Thadhail an Diùc, a tha cuideachd na Cheannard Cabhlaich air na Bàtaichean-aigeil, air Prìomh Oifisean Nèibhidh Rìoghail na h-Alba ann am Faslane san Dàmhair 2010 gus Prìnichean Bacaidh Òir/Gold Deterrent Pins a bhuileachadh air 22 oifigear nèibhidh.

Sa Ghearran 2011, thill an Diùc is a’ Bhana-dhiùc gu Cill Rìmhinn dìreach dà mhìos ron bhanais aca, airson cuirmean an 600mh cinn-bliadhna an Oilthighe a chur air bhog. 

Thàinig Diùc Chambridge gu bhith na neach-taice airson Tagradh an 600mh cinn-bliadhna aig Oilthigh Cill Rìmhinn agus fhad ‘s a bha e air chuairt ann bhruidhinn e le blàths mu Cill Rìmhinn.

Thuirt e:  “’S e àm sònraichte dhomh fhìn is dha Catherine a tha seo. Tha e a’ faireachdainn mar gum bitheamaid air a thighinn dhachaigh.

“Ged a tha Oilthigh Cill Rìmhinn na h-aon de shàr stèidheachdan rannsachaidh na Roinn Eòrpa, an treas oilthigh as aosta ann an dùthchannan Beurla an t-saoghail agus gu dearbh an t-oilthigh as fheàrr san t-saoghal tha e fhathast a’ faireachdainn mar gu bheil sinn air a thighinn dhachaigh. 

“Agus bhiodh e air a bhith mar sin dha ginealaichean de fo-oileanaich romhainn – gu dearbha dha oileanaich ann an 600 bliadhna.”

Related News

More news