Dleastanasan A' Phrionnsa
Dleastanasan A' Phrionnsa
Ged nach eil dleastanasan ann am bun-stèidh na dùthcha aig Oighre a' Chrùin, tha Prionnsa na Cuimrigh a' dèanamh nas urrainn dha gus feum a dhèanamh dhe shuidheachadh sònraichte gus piseach a thoirt air An Rìoghachd Aonaichte agus air an t-saoghail anns an fharsaingeachd. Tha na dòighean anns an dèan A Mhòrachd Rìoghail seo ag atharrachadh bho àm gu àm agus a rèir an t-suidheachaidh, ach gu sìmplidh faodar a bhriseadh sìos na thrì earrainnean:
(i) A' dèanamh dhleastanasan rìoghail gus taic a thoirt dhan Bhanrigh
Tha seo a' ciallachadh:
- a' toirt taic dhan Bhanrigh na dreuchd mar mheadhan air pròis
- aonachd agus cùl-taic na dùthcha
- a' toirt dhaoine còmhla bho gach earrainn dhen phoball
- a' riochdachadh seasmhachd agus leantalachd
- a' toirt euchdan am follais
- a' cur cuideam air cho cudromach agus a tha seirbheis agus obair saor-thoileach le bhith a' brosnachadh agus le deagh eisimpleir
(ii) Ag obair mar neach-tionnsgain carthannais
Tha Prionnsa na Cuimrigh air a bhith aig teis-meadhan feuman carthannais a chomharrachadh agus air a bhith a' cur air chois agus a' brosnachadh bhuidhnean carthannais gus na feumalachdan sin a choileanadh, agus feumaidh na 17 prìomh bhuidhnean carthannais aige taic air choireigin bhon Phrionnsa ann a bhith a' togail £100 muillean gach bliadhna;
(iii) A' brosnachadh agus a' dìon chleachdaidhean, fheartan agus sàr-mhathas nàiseanta
Tha seo a' ciallachadh gum bi beachdan a tha aig mòran dhaoine air an toirt am follais ann an dòigh nach tachradh gun a thaic. Bidh A Mhòrachd Rìoghail a' dèanamh seo le bhith a' cur litrichean agus a' coinneachadh ri Ministearan Riaghaltais agus daoine eile aig a bheil cumhachd, le bhith a' dèanamh òraidean, le bhith a' sgrìobhadh artaigilean agus le bhith a' gabhail pàirt ann am prògraman telebhisean. Le bhith a' dèanamh seo, tha e daonnan faiceallach gus cuspairean a tha connspaideach gu poilitigeach a sheachnadh.


