The Prince of Wales
Advanced Search

Gàidhlig

The Duke and Duchess of Rothesay visit the Isle of Rhum
The Duke and Duchess of Rothesay attend the Mey Highland GamesThe Duke of Rothesay meets well-wishers in ScotlandThe Duke of Rothesay visits the Gordon Highlanders Museum

Obair A' Phrionnsa ann an Alba

The Prince of Wales

Obair A' Phrionnsa ann an Alba

Tha Am Prionnsa a' cur mòr spèis air an ùine a bhios e a' cur seachad ann an Alba, agus bidh e a' dol ann gu tric, a' fuireach aig Lùchairt Holyrood ann an Dùn Èideann, Birkhall air Oighreachd Baile Mhorail agus aig Caisteal Mhèigh ann an Gallaibh.

A h-uile bliadhna, bidh Am Prionnsa a' fuireach aig Lùchairt Holyrood airson seachdainn agus bidh e a' dèanamh iomadach obair agus a' dol gu iomadh cuirm, prìobhaideach agus poblach, air feadh Alba.

Leis na tachartasan sin, tha Am Prionnsa a' leigeil fhaicinn a thaic do sheirbheis poblach, gu h-àraid na Feachdan Armaichte, obair saor-thoileach agus poblach, agus bidh e a' cumail chuirmean, phàrtaidhean gàrraidh agus dhìnneirean do dhaoine a tha air cuir ri beatha na h-Alba. Bidh Am Prionnsa cuideachd a' gabhail a chothrom coinneachadh ri coimhearsnachdan air an tuath agus ann am bailtean.

Tha feadhainn dhe na buidhnean carthannais aig A' Phrionnsa a' dèanamh obair mhòr ann an Alba. Tha a dhà dhe na buidhnean carthannais aig A Mhòrachd Rìoghail ag amas air cuideachadh a thoirt do dh' òigridh: 's iad sin The Prince's Trust Scotland agus The Prince's Scottish Youth Business Trust (PSYBT). Tha The Prince's Trust a' toirt cothrom do dhaoine òga fuasglaidhean practaigeach fhaighinn gus am beatha adhartachadh, agus tha PSYBT a' toirt cothrom do dhaoine òga an gnìomhachas fhèin a thòiseachadh. Cuideachd, 's e Am Prionnsa Ceann-suidhe Scottish Business in the Community (SBC) a bhios a' brosnachadh ghnìomhachasan Albannach gus barrachd uallaich a ghabhail nan cuid coimhearnsachdan.

Tha Am Prionnsa na chùl-taic do dh' iomadach buidheann a' tha ag obair gus cultar agus dualchas na h-Alba a dhìon. Na measg sin tha The National Trust for Scotland, Scottish Chamber Orchestra, The Scottish Civic Trust, The Scottish Wildlife Trust, The Royal Botanic Gardens Edinburgh, The Erskine Hospital do dhaoine a bha ann an cogadh, The Hopetoun House Preservation Trust agus Glasgow School of Art.

An-dèidh bàs A Mòrachd Màthair na Banrigh nach maireann ann an 2002, ghabh Am Prionnsa gun toireadh e cùl-taic do bhuidhnean leithid Aberdeen Angus Cattle Society, the Royal Scottish Academy of Music and Drama agus Caithness Heritage Trust.

Tha A' Mhòrachd Rìoghail cuideachd air a bhith a' toirt cùl-taic do Shabhal Mòr Ostaig, an aon cholaiste Gàidhlig de Fhoghlam Àrd-Ìre ann an Alba, bho 1985. Mar a h-uile duine eile dhen Teaghlach Rìoghail, tha dlùth cheanglaichean aig Prionnsa na Cuimrigh ris na seirbheisean armaichte. A bharrachd air a dhreuchd fhèin anns na seirbheisean, tha iomadach dreuchd aige na Àrd-Chòrnaileir. Tha Am Prionnsa moiteil gun e an Àrd-Chòrnaileir aig Rèiseamaid nam Freiceadan Dubh bho 2003 agus Iar-Cheannard nan Rèiseamaidean Gàidhealach (Na Seaforthaich, Na Gòrdanaich agus Na Camshrònaich) bho 1994.