Ann an Alba, tha Prionnsa na Cuimrigh air ainmeachadh mar Diùc Baile Bhòid, agus a bhean mar Bana-dhiùc Baile Bhòid.
Chaidh an tiotal seo ann am moraireachd na h-Alba a bhuileachadh an toiseach le Raibeart III, Rìgh na h-Alba, air a mhac Daibhidh ann an 1398. Dhaingnich Achd bho Pàrlamaid na h-Alba ann an 1469 gun robh e gu bhith air a chuingealachadh ri oighre crùn na h-Alba. Bho Aonadh nan Crùn ann an 1603 tha an tiotal air a thighinn sìos ri taobh Diùcachd na Còirn, agus thàinig am Prionnsa gu bhith na Dhiùc Baile Bhòid nuair a thàinig a’ Bhànrigh gun rìgh-chathair.
Tha na tiotalan, Iarla Charraig agus Ridire Rinn Friù aig Diùc Baile Bhòid cuideachd. Tha Oighre a’ Chrùin a’ sealbhachadh nan tiotalan sin ann am moraireachd na h-Alba fo Achd 1469.
Tha e air ainmeachadh cuideachd mar Tighearna nan Eilean. Chaidh an seann tiotal seo, a bh’ air a dhleasadh le riaghladairean nan Eilean Siar mar bhasaillean Rìgh na h-Alba, a chur ris a’ Chrùn le Seumas V na h-Alba ann an 1540, airson a shìneadh sìos gu oighreachan.
Tha sealbh aige cuideachd air an tiotal, Prionnsa agus Àrd Stiùbhart na h-Alba. Tha an dreuchd oighreachail, Mòr (no Àrd) Stiùbhart a’ dol air ais gun 12mh Linn. Dhaingnich Achd 1469 gum bu chòir an tiotal a dhol gu “ciad mhac Rìgh na h-Alba gu bràth”.
Tha dlùth bhuntanas aig a’ Phrionnsa ri Alba, is tha grunn bhuidhnean carthannais aige a tha gu math gnìomhach, nam measg Urras a’ Phrionnsa ann an Alba/The Prince’s Trust Scotland; Urras Taigh Dhùn Phris Àrd Stiùbhart na h-Alba/The Great Steward of Scotland’s Dumfries House Trust; Stèidheachd a’ Phrionnsa airson Coimhearsnachd a Thogail/The Prince’s Foundation for Building Community; Urras Ath-chruthachail a’ Phrionnsa/The Prince’s Regeneration Trust; Iomairt Ceann a Tuath na Gàidhealtachd agus Gnothachas Albannach sa Choimhearsnachd/the North Highland Initiative and Scottish Business in the Community.
Chaidh Urras Taigh Dhùn Phris Àrd Stiùbhart na h-Alba a stèidheachadh an dèidh dha Diùc Baile Bhòid co-bhanntachd a stiùireadh airson an àrois Dheòrsaich, Taigh Dhùn Phris, a shàbhaladh dhan Rìoghachd ann an 2007. Bhathas an dùil an taigh agus na bha na bhroinn a reic aig rup, ach on uair sin thathas air an taigh agus an àirneis a bh’ ann bho thùs, gu sònraichte preas-leabhraichean Chippendale, ath-leasachadh gu cùramach. Tha an taigh a-nise fosgailte dhan t-sluagh agus bithear a’ cumail bhainnsean ann.
Tha mòran a’ dol air adhart air an oighreachd. Tha grunn de phròiseactan ath-leasachaidh co-cheangailte ri dualchas a’ gabhail àite leithid ath-leasachadh air structairean cudromach eachdraidheil, nam measg Drochaid Adhaimh agus a’ Mhuileann-shàbhaidh, a’ leasachadh ionad airson sgilean ciùird agus modail de thuathanas sheasmhach.
Tha Cafaidh is Ionad Tadhail soirbheachail a-nise far an robh an Taigh Coidse is na Stàballan, agus tha tuilleadh leasachaidh a’ dol air adhart. Tha na leasachaidhean sin uile a’ cur an Taigh is na h-Oighreachd aig cridhe na coimhearsnachd agus a’ tabhann cosnadh air an robh mòr fheum. Tha obair a’ dol air adhart sa Ghàrradh Bhallaichte gus a thoirt air ais gu mòralachd na 18mh Linne agus bheir e lotaichean curachd dhan choimhearsnachd ionadail.
Tha Stèidheachd a’ Phrionnsa airson Coimhearsnachd a Thogail/ Prince’s Foundation for Building Community a’ co-obrachadh le na com-pàirtichean ionadail, Hope Homes agus Comhairle Chumnaig airson leasachadh seasmhach, Knockroon, a thogail faisg air far a bheil crìoch na h-Oighreachd agus baile eachdraidheil Chumnaig a’ coinneachadh.
Gach bliadhna, bidh Diùc Baile Bhòid a’gabhail Caisteal Mheidh air mhàl airson greis bheag as t-samhradh bho urrasan a’ Chaisteil. B’ ann le Bànrigh Ealasaid, Màthair na Bànrigh a bha Caisteal Mheidh agus tha e na tharraing mhòr ann an Gallaibh do luchd-turais. Ann an 2005, chuir A Mhòrachd Rìoghail Iomairt Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a’ Phrionnsa air bhog. Tha trì prìomh amasan aig a’ phròiseact – buaidh mhath a thoirt air eaconamaidhean Ghallaibh, Chataibh is Rois an Ear; cuideachadh le leasachadh turasachd sheasmhach agus; ath-bheothachadh a thoirt air an oighreachd thogte ann an Ceann a Tuath na h-Alba. Tha N.H.I. air cuideachadh le lìbhrigeadh a’ chuid mhòr den £2 mhillean den teachd-a-steach a bharrachd a fhuair tuathanaich na sgìre bho reic feòil mhairt is feòil uain. Tha dhà de Bhuidhnean Carthannais a’ Phrionnsa – Stèidheachd a’ Phrionnsa airson Coimhearsnachdan a Thogail agus Urras Ath-chruthachail a’ Phrionnsa – ag obair còmhla air pròiseactan co-cheangailte ris an àrainneachd ionadail thogte mar thaic do dh’amasan farsaing N.H.I. Sna bliadhnaichean mu dheireadh thathas air tòrr oidhirpean a dhèanamh gus turasachd a leasachadh agus tha àireamh mhòr de chompanaidhean ionadail air buannachd fhaighinn à seo.
Nuair a tha iad ann an Alba bidh Diùc is Bana-dhiùc Baile Bhòid a’ cur seachad saor-làithean an t-samhraidh mar as trice nan dachaigh Albannach, Birkhall, air oighreachd Baile Mhoireil air Oir Rìoghail Dhè.
Mar a h-uile taigh còmhnaidh oifigeil aig Am Mòrachdan Rìoghail tha Birkhall ga ruith air bunait organaig a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd agus mar sin cha bhithear a’ cleachdadh puinnsean fuadain bhiastag no todhar Gallda sna gàrraidhean.
Nuair a tha iad a’ fuireach ann am Birkhall, ‘s toigh le Am Mòrachdan Rìoghail a bhith ag iasgach is a’ coiseachd còmhla san dùthaich àlainn Albannach.
Bidh an Diùc is a’ Bhana-dhiùc cuideachd a’ gabhail os làimh tachartasan sa sgìre agus a’ cumail chuirmean dhan choimhearsnachd ionadail agus dhan fheadhainn a tha an sàs nam buidhnean carthannais.
Related News
-
Horse logging
-
Visit to Morayshire
-
Visit to Dumfries House
-
Barrow-in-Furness
-
Emirates Arena, Glasgow
-
Dumfries House
-
Ladies Day at Ayr Racecourse
-
Scotsheep event at Dumfries House
-
Kilmarnock visit
-
The Prince reads the weather
-
Holyrood Week
-
The Prince of Wales makes a speech about fishing
-
The Prince of Wales attends a military homecoming parade in Forfar
-
The Duchess of Rothesay visits Aberdeen
-
The Duchess spends a day in Aberdeen
-
The Duchess launches the Big Bone Walks at Balmoral in aid of the National Osteoporosis Society
-
The Duchess opens a new lounge at Aberdeen Airport
-
TRH unveil a plaque dedicated to the memory of The Queen Mother at Canisbay Church in Caithness
-
HRH visits the 200th Bute Agricultural Society show
-
TRH visit Kinloch Castle on the island of Rum
-
TRH host a dinner at the Palace of Holyroodhouse for supporters of The Prince's Trust in Scotland
