Tha e na thlachd dhomh tadhal air Sabhal Mòr Ostaig agus mise, mar Neach-taice, mothachail chan e a-mhàin gur e sàr ionad na Gàidhlig a th‘ ann ach cuideachd samhla air na bheirear gu buil le lèirsinn, dealas agus uile dhìcheall dhaoine aig a bheil de shuim na bheir dòchas beò.

Tha e na thlachd dhomh tadhal air Sabhal Mòr Ostaig agus mise, mar Neach-taice, mothachail chan e a-mhàin gur e sàr ionad na Gàidhlig a th‘ ann ach cuideachd samhla air na bheirear gu buil le lèirsinn, dealas agus uile dhìcheall dhaoine aig a bheil de shuim na bheir dòchas beò.

Tha iomadach uallach ùr air Alba an-dràsta gun ghuth air cothroman mòra. Chan eil mòran uallaichean cho mòr ris na tha an lùib cùram air cànan is cultar; gu h-àraidh nuair nach eil iad sin ach ann an aon dùthaich a-mhàin. Ma gheibh a‘ Ghàidhlig bàs an Alba, bidh i marbh air feadh an domhain. Ma thig piseach oirre an Alba, bheir sin misneach is dòchas do dhaoine eile air a bheil an aon chùram is uallach. Sin an dùbhlan ‘s an cothrom.

Bidh sinn a‘ sìor chluinntinn iomradh air a‘ "ghlobal village" anns a bheil sinn beò ‘s air a bheil brùthadh mòr a thaobh aonadh cultair. Ach tha fios againn uile gu bheil ar n-àrainneachd ‘s ar dearbh-aithne air a neartachadh anns gach dòigh le eugsamhlachd fhìor. Chan eil e furasta an dà chlaonadh sin a chothromachadh. A thaobh cànain is cultair, feumar spàirn mhòr a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach bi laigse ann an àireamhan luchd-labhairt a‘ ciallachadh iomallachd leantainneach. Tha Sabhal Mòr Ostaig na dhearbhadh follaiseach air an spàirn sin ann an saoghal na Gàidhlig.

Nach math nach leig sinn leas coimhead ro fhada mus fhaigh sinn dòchas is misneach a bhrosnaicheas an cànan anns an àm a tha romhainn. Anns na h-eileanan seo tha a‘ Chuimris air stad a chur air crìonadh ‘s tha luchd-labhairt a‘ chànain air a dhol am meud, a rèir a‘ Chunntais-shluaigh mu dheireadh, airson a‘ chiad turas bho thòisicheadh air clàran a chumail. Mas fàbharach an suidheachadh, bheirear mòran gu ìre. Nam bheachd-sa, tha a‘ Ghàidhlig a‘ cur gu mòr ri dearbh-aithne na h-Alba air fad.

Chan urrainn, no cha bu chòir, dhuinn an cànan fhèin a sgaradh bhon chultar a tha timcheall oirre. Cha ghabh bòidhchead ceòl is òrain na Gàidhlig àicheadh. Ach gun chànan beò, tha cunnart ann nach bi dad air fhàgail ach nì gun stàth. Air sgàth sin is riatanach siostam foghlaim, suas chun na h-ìre a th‘ air a riochdachadh leis a‘ cholaiste an seo anns an Eilean Sgitheanach - airson dèanamh cinnteach gun cum fileantachd is litearras orra ag ath-nuadhachadh slàinte is cor a‘ chànain.

Dhaibh siud a tha airson conaltradh tro mheadhan mion-chànain mar a tha a‘ Ghàidhlig, feumaidh gu bheil e coltach uaireannan ri dhol an aghaidh na bruthaich ann a bhith a‘ glèidheil cànan a dh‘fhuiling neo-shuim no eadhon naimhdeas aig amannan.

Anns an t-suidheachadh sin, chan iongnadh gu bheil a‘ Ghàidhlig lag ach ‘s iongantach gu bheil i ann idir - ann an linn, tha mi ‘n dòchas, nuair a thèid cuideam a chur air tuigse. Tha Sabhal Mòr Ostaig na eisimpleir de na ghabhas toirt gu ìre airson na Gàidhlig agus na th‘ aig a‘ Ghàidhlig ri toirt do ar coimhearsnachd air fad. Airson a bhith a‘ cothachadh barrachd inbhe dhan chànan agus a‘ brosnachadh a leasachadh air feadh Alba ‘s thall thairis, tha mi a‘ guidhe gach deagh dhùrachd dhuibh.